Fios naidheachd: Feumaidh Alba gluasad gu luath gus toirmeasg a chur air teiripe iompachadh: Comataidh na Co-ionannachd #gàidhlig 


Cha bu chòir do dh’Alba feitheamh gus crìoch a chur air teiripe iompachaidh, tha Comataidh Co-ionannachd, Chòraichean Daonna agus Ceartais Shìobhalta aig Taigh an Ròid a’ rabhadh.

Ann an aithisg ùr, tha a’ Chomataidh ag ràdh gum fheum an reachdas a thathar a’ moladh gus toirmeasg a chur air teirpe iompachaidh a bhith làn is coileanta – a’ gabhail gnothach ri oidhirpean sam bith gus an ìomhaigh a thaobh gnè no an taobhadh feise a tha aig neach atharrachadh.  

Is e ‘teiripe iompachaidh’ am facal a thathar a’ cleachdadh mar thuairisgeul air modhan sam bith a dh’fheuchas ris an taobhadh feise no an ìomhaigh a thaobh gnè a tha aig neach atharrachadh. 

Tha aithisg na Comataidh a’ toirt fa-near nach eil an reachdas a th’ ann an-dràsta gu leòr gus stad a chur air a’ chleachdadh agus nach bu chòir do dh’Alba feitheamh gus molaidhean Riaghaltas na RA a chluinntinn mus dèan iad reachdas a bhuineas ri Alba gu sònraichte an taobh a-staigh nan cumhachdan a tha rim faotainn do Phàrlamaid agus Riaghaltas na h-Alba.

Tha an aithisg a’ moladh gun dèan am mìneachadh air cleachdaidhean iompachaidh ann an lagh sam bith a thathar a’ moladh soilleir nach eil a leithid a rud ri cead fiosraichte ris a’ chleachdadh agus nach fhaodar a chleachdadh mar dhìon leis an fheadhainn ga dhèanamh.

A’ toirt fa-near gu bheil a’ chuid as motha de bhuidhnean-creideimh a’ cur taic ri toirmeasg, tha a’ Chomataidh cuideachd ag aontachadh nach bu chòir gun cuireadh reachdas bacadh air teagasg-creideimh àbhaisteach no air còir dhaoine dol an sàs ann an ùrnaigh no cùram eaglaise gus an ìomhaigh a th’ aca orra fhèin a dheasbad, a rannsachadh no a rèiteachadh ann an dòigh gun bhreitheanas agus gun chlaonadh.

Tha a’ Chomataidh ag ràdh gu bheil i ag iarraidh barrachd ionnsachadh mun àite a th’ aig Buidheann nan Eòlaichean air Cleachdaidhean Iompachaidh a chuir Riaghaltas na h-Alba air bhonn – gus an dòigh as fheàrr gus toirmeasg a thoirt air adhart cho luath is a ghabhas a rannsachadh.

Agus e a’ bruidhinn nuair a chaidh an aithisg a chur air bhog, thuirt Neach-gairm na Comataidh Joe MacGillePhàdraig (FitzPatrick) BPA :

“Tha na cleachdaidhean iompachaidh seo ris nach fhaodar gabhail air a bhith a’ dol tuilleadh is fada.

“Tha e soilleir bhon sgrùdadh againn gu bheil e a’ tachairt ann an Alba agus nach eil an reachdas a th’ ann an-dràsta làidir gu leòr gus casg a chur air.  

“Chan fhaod duine sam bith aonta a chur ri cleachdaidhean iompachaidh. Tha oidhirpean sam bith gus gnè no gnèitheileachd neach ceàrr agus is e sin as coireach gu bheil sinn den bheachd nach dèan càil ach toirmeasg iomlan an gnothach.

“Chan eil ùine ri caitheamh ma-thà agus feumaidh sinn ar cuid oidhirpean a chur air reachdas a bhuineas do dh’Alba gu sònraichte gus crìoch a chur air a’ chleachdadh seo. Nì toirmeasg luath, coileanta gum bi neach LGBTI+ sam bith a’ fulang uallach chleachdaidhean iompachaidh a-rithist tuilleadh.”

Cùl-fhiosrachadh

Chaidh Athchuinge PE1817: Cuir Crìoch air Leigheas-iompachaidh a chur a-steach anns an Lùnastal 2020. Tha i a’ gairm air Pàrlamaid na h-Alba “impidh a chur air Riaghaltas na h-Alba toirmeasg a chur air ullachadh no cur air adhart teiripe iompachaidh LGBT+ ann an Alba”.

Anns a’ Phrògram airson Riaghlaidh 2021-22 aige, chuir Riaghaltas na h-Alba a rùn an cèill toirmeasg a chur air teiripe iompachaidh agus gun toireadh e a-steach “reachdas a tha cho coileanta is a ghabhas an taobh a-staigh nan cumhachdan tiomnaichte ro dheireadh 2023, mura tèid molaidhean Riaghaltas na RA fada gu leòr”.

Ghabh a’ Chomataidh gairm airson fianais sgrìobhte os làimh eadar 6 Iuchar agus 13 Lùnastal 2021. Fhuair i mu 1400 de fhreagairtean, a’ chuid as motha aca bho dhaoine mar thaic ris an athchuinge. Fhuaireadh mu 76 freagairtean bho bhuidhnean.

Fios Naidheachd: Tha an aithisg mun bhuidseat bho Chomataidh an Ionmhais a’ toirt rabhadh mu bharrachd uallaich air ionmhas poblach na h-Alba


Tha Comataidh Ionmhais agus Rianachd Phoblach aig Taigh an Ròid air rabhadh a thoirt gu bheil e coltach gun tig uallach a bharrachd air ionmhas poblach na h-Alba an ath bhliadhna agus na dèidh.

Ged a tha tuairmsean a’ nochdadh barrachd misneachd gun till eaconamaidh na h-Alba ris na h-ìrean ron ghalar mhòr-sgaoilte ro mheadhan 2022, tha fianais a’ tighinn am bàrr a’ cur an cèill nach eil an t-ath-shlànachadh agus an dèanadas eaconamach ann an Alba cho làidir agus a tha san RA san fharsaingeachd – air sàilleibh lùghdachaidh air obair na h-ola agus a’ ghais air a’ chuid as motha.

Tha e coltach gun cuir a’ bhuaidh barrachd uallaich air ionmhas poblach na h-Alba a rèir aithisg na comataidh air Sgrùdadh a’ Bhuidseit.  

Cuideachd, le tabhartasan-calpa Riaghaltas na RA sìos le 9.7%, tha iasadan chun na h-ìre as motha a cheadaichear de £450 millean a dhìth gus àrdachadh 1.2% air caiteachas air fo-structar an dèidh atmhorachd a chur air chomas.  

Tha Buidseat na h-Alba air a shrianadh le tuairmsean Coimisean Fiosgail Albannach Neo-eisimeileach (SFC), air nach fhaod Rùnaire an Ionmhais dol seachad.

Ann am fianais, thuirt: “Tha Buidseat iomlan na h-Alba ann an 2022-23 2.6% nas ìsle na ann an 2021. An dèidh atmhorachd a chur anns an àireamh, is e an lùghdachadh a th’ ann 5.2%.”   

Tha a’ chomataidh ag ràdh gu bheil barrachd obrach a dhìth gus na th’ air cùl nan claonaidhean eaconamach agus deamografach seo a thuigsinn agus mar as fheàrr as urrainn aghaidh a chur orra.

Tha an aithisg an-diugh a’ rannsachadh nan ceist ann am barrachd mionaideachd. An ath sheachdain bidh an deasbad aig Ìre 1 air Bile a’ Bhuidseit aig an riaghaltas ann.

Thuirt Neach-gairm Comataidh Ionmhais agus Rianachd Phoblach Kenneth Gibson BPA:

“Tha a’ Chomataidh ag aontachadh ri Riaghaltas na h-Alba gu bheil bliadhna dhùbhlanach roimhe, le barrachd lùghdachaidhean air caiteachas air goireasan san dà bhliadhna na dèidh.

“Tha e follaiseach le tabhartasan Riaghaltas na RA a’ cumail orra a’ crìonadh, gun fheumar beachd a ghabhail air barrachd sùbailteachd fhiosgail. Tha crìochan a thaobh iasadan tuilleadh is teann agus iad gan creimeadh le atmhorachd. Tha ìrean cìse gun atharrachadh fhathast ach, mar a tha sa chòrr den RA, bheir atmhorachd daoine a-steach ann am bannan-cìse nas àirde.  

“Gus a dhearbhadh gun tèid ionmhas poblach na h-Alba a chur air stèidh nas seasmhaiche, bu chòir gum biodh cinneasachd, fàs air tuarastal, atharrachadh deamografach agus ceangal ri margadh na saothrach mar amas bunaiteach do Mhinistearan na h-Alba.

“Tha follaiseachd ann an nochdadh iomlan is tìmeil fhigearan deatamach cuideachd, gu sònraichte a thaobh maoineachadh, mar a tha e ga bhuileachadh leis an dà chuid Riaghaltas na RA agus Ministearan na h-Alba an dèidh sin, agus a’ bhuaidh a bheir an caiteachas seo. 

“Mar chuid den ath-bhreithneachadh air an Fhrèam Fhiosgail, feumaidh an dà chuid riaghaltasan na RA agus na h-Alba modh-obrach a bhreithneachadh is aontachadh far an tèid buaidhean Barnett a chur an cèill gu follaiseach gus barrachd cinnt a thoirt mu na tha na airgead ‘ùr’ agus ‘air ath-chumadh’.”

Cùl-fhiosrachadh

Leugh sgrùdadh Comataidh Ionmhais agus Rianachd Phoblach air a’ bhuidseat an seo:

Sgrùdadh air a’ bhuidseat 2022-23

Fios naidheachd: Taigh an Ròid air Gairm airson Bheachdan a chur air bhog mar fhreagairt air toirmeasg Riaghaltas na h-Alba air iasgach ann an Linne Chluaidh


An dèidh ceistean a bhith air luchd-ùidhe, tha Comataidh Chùisean Dùthchail, Eileanan, agus Àrainneachd Nàdarra aig Taigh an Ròid Gairm airson Bheachdan a chur air bhog mar fhreagairt air co-dhùnadh Riaghaltas na h-Alba toirmeasg a chur air a h-uile seòrsa iasgaich ann an àrainn shònraichte de Linne Chluaidh ri linn na h-ùine eadar 14 Gearran gu 30 Giblean sna bliadhnaichean 2022 agus 2023.

Rachadh an toirmeasg a thoirt a-steach tro fho-reachdas a chuireadh an làthair air 13 Faoilleach agus chaidh barrachd fiosrachaidh a thoirt seachad le Rùnaire a’ Chaibineit, Màiri Gougeon BPA ann an litir air 17 Faoilleach.

Bho 2001, tha reachdas air seòrsaichean sònraichte den iasgach (tràlairean nan giomach-gearra, clèibh agus dreideirean chreachann) a cheadachadh ri linn nan 11 sheachdain seo gach bliadhna. Bha toirmeasg air feadhainn eile gus trosg a’ sìolachadh agus dhìon agus ath-shlànachadh stuic a chur air adhart.

Thuirt Finlay Carson, Neach-gairm na Comataidh;

“Tha ceistean a chaidh a chur air a’ Chomataidh an toiseach a’ faighneachd mun bhunait shaidheansail ris an toirmeasg iomlan seo agus an ìre de chomhairle a chaidh a chur. Mar thoradh, tha sinn ag iarraidh gu mòr barrachd rannsachaidh a dhèanamh air a’ cheist seo agus iarraidh air neach sam bith air a bheil an-co-dhùnadh seo a’ bualadh na beachdan aca a nochdadh rinn. Tha e cudromach dhuinn gun cluinnear a h-uile guth agus gun tèid buaidh a’ cho-dhùnaidh seo a thuigsinn agus a bheachdachadh mar as còir.”

Thig a’ Ghairm airson Bheachdan gu crìch Diciadain 2 Gearran.